Testimonials
Hear It From the Source
I have just completed Advanced Dialogue Development and I can’t believe how much progress I’ve made. The course builds on the conversations in Intermediate Dialogue Development by progressively expanding the vocabulary and using slightly more complex grammar. To practise the new words and grammar, you write your own version of the dialogue, preparing you for the group discussion, which is really fun! Highly recommended.
​
Prof. Richard C. M. Mole, Lunainn
Tha mi air a bhith sgrùdhadh còmhla ri Ann airson dìreach còrr air bliadhna a-nis an dèidh dhomh An Cùrsa Inntrigidh a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha an teaghlach aig m’ athair à Leòdhas agus ’s e fileantaich a th’ annta. 'S e an t-amas agam Gàidhlig a bhruidhinn riutha, mar sin tha mi air a bhith a' dèanamh mòran de na clasaichean aice suas gu ìre adhartach gach cuid leasanan 1:1 agus leasanan buidhne. Tha deagh mheasgadh de fèin-sgrùdadh agus clasaichean air loidhne. Chan eil càil nas fheàrr na leasanan aghaidh ri aghaidh airson còmhradh ionnsachadh. Tha na leasanan seachdaineil, socair agus spòrsail an-còmhnaidh agus structaraichte cho math. Tha na leabharaichean-obrach agus na faidhlichean-fuaime dìreach samhaidh agus tha na còmhraidhean fìor-riochdail agus glè fheumail. Cleachdaidh Ann mòran diofar sheòrsaichean stòrasan agus eacarsaichean a chomharraicheas i gu math luath agus gu mionaideach. Misnichidh i thu deagh-chleachdadh a chleachdadh. Tha seòrsaichean de leasanan ann airson a h-uile duine agus faodaidh iad a bhith aig astar sam bith gur toil leat. Bha a h-uile duine anns na clasaichean agam nas comasaiche air còmhradh aig deireadh gach cùrsa. Tha mi nas misneachaile air a’ Ghàidhlig agam cuideachd agus tha mi a’ creidsinn gum b’ urrainn dhomh còmhradh a ghabhail a-nis. Tha tòrr ri ionnsachadh ann fhathast ge-tà agus mar sin tha mi toilichte gun tèid mi air air adhart leis a' Chùrsa Adhartais aig SMO a-nis agus uaireigin tha mi an dòchas gun urrainn dhomh bruidhinn ri mo theaghlach gu ceart. Bha e mòr-thlachd a bhith ag obair le Ann agus chan urrainn dhomh a moladh mar oide Ghàidhlig no na cùrsaichean aice àrd gu leòr.
Dr Douglas Morrison, Alba
I have just completed the new advanced course with Ann. I really can't believe it to be perfectly honest. The course follows the holiday of two young people who come to Islay on holiday to improve their Gaelic. It is very carefully arranged to cover as many grammar points as possible and written to help maximise your speaking abilities.
Every lesson is carefully planned and there is a bit of homework to be done and recordings to send to be corrected. I have found this to be most beneficial as when I looked at the book at first it seemed almost impossible. However I was guided through the whole process by the ever patient Ann and I managed just fine. I also feel I know a lot more about Islay now. I can't recommend Ann highly enough. Her knowledge of the language is immense and her teaching skills are brilliant. She does it all with humour and kindness. I feel I can actually carry out a conversation now and my confidence is growing with every lesson. I'm booked up already for my next course in April!
Lorna Kyle, Alba
Nuair a thòisich mi ag ionnsachadh a’ chànain beagan bhliadhnaichean air ais, bha mi dìreach airson a bhith comasach air ainmean nam beanntan far an do choisich mi a ràdh.
Ach a-nis, tha mi a’ tuigsinn gur e cànan an t-slighe gu barrachd ionnsachadh. Tha e coltach ri bhith a’ rùsgadh sreathan de uinneanan air ais agus a’ nochdadh sreathan nas inntinniche. O chionn beagan bhliadhnaichean, rinn mi cùrsa a chaidh a theagasg le Ruairidh
MacIllEathain, ann an Gleann Nibheis. Dh’innis e dhuinn mu nàdar tuairisgeulach nan ainmean-àite Gàidhlig. Thuig mi gun robh am fuaimneachadh agam dìreach uabhasach agus mar sin thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh. Mhol e cùrsaichean goirid na sgoile samhraidh
aig Sabhal Mòr Ostaig. Chuir mi crìoch air na cùrsaichean goirid ann an Gàidhlig a h-aon agus Gàidhlig a dhà an aon samhradh agus cha do sguir iad a sgrùdadh bhon uairsin. Thuig mi gun robh feum agam air clasaichean nas dian, le structar agus mar sin chlàraich mi ann an An Cùrsa Inntrigidh san Fhaoilleach 2018. Nuair a chrìochnaich mi an cùrsa gu soirbheachail chaidh mi air adhart le An Cùrsa Adhartais a tha mi dìreach air a chrìochnachadh. Tha cothrom agam a-nis mo fhileantachd a luathachadh le bhith gam bhogadh fhèin sa chànan, sa chultar agus san eachdraidh tro bhith a’ fuireach air an àrainn agus a’ dèanamh a’ chùrsa Gàidhlig agus Conaltradh. Dh’iarr mi comhairle bho na tidsearan agam mu bhith a’ dol air adhart gu DipHE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte. Dh’aontaich sinn uile gum feum mi a bhith fosgailte don chànan ann an dòigh nas bogadh le barrachd uairean aghaidh-ri-aghaidh de theagasg. Tha mi airson crìoch a chur air a’ chùrsa gus an urrainn dhomh barrachd a chuir ris a’ choimhearsnachd ionadail agus ’s dòcha a dhol air a’ chùrsa ceuma. Dà bhliadhna air ais, ghluais mi a Leòdhas gus am bithinn air mo bhogadh nas motha ann an cànan is cultar na Gàidhlig. Ged a b’ urrainn dhomh an cùrsa seo a dhèanamh aig Colaiste a’ Chaisteil, bhithinn a’ call a-mach air a’ bhogadh iomlan sa chànan. ’S e Sabhal Mòr Ostaig an aon àite far am faod thu a bhith air do bhogadh gu tur. Bho thòisich mi air mo chuid ionnsachaidh tha mi cuideachd air cùrsaichean goirid a dhèanamh gach bliadhna, cùrsaichean ionnsachaidh coimhearsnachd ionadail, a’ frithealadh Ùlpan aig Colaiste a’ Chaisteil agus a’ dèanamh teagasg prìobhaideach. Tha mi air cearcallan còmhraidh ionadail a fhrithealadh agus tha mi a’ gabhail a h-uile cothrom gus Gàidhlig a
bhruidhinn le muinntir an àite. Tha mi an-dràsta ag obair gu saor-thoileach aig Comunn Eachdraidh Nis far am feum mi fàilte a chuir air na h-aoighean sa Ghàidhlig. Bheir e cuideachd cothrom dhomh bruidhinn ris an luchd-obrach agus luchd-còmhnaidh ionadail sa
Ghàidhlig. Tha saoghal gu tur ùr air fosgladh dhomh tro bhith ag ionnsachadh Gàidhlig. Chòrd an cuspair mu dheireadh de shaoghal na Gàidhlig rium agus tha ùidh mhòr air a bhith agam ann an eachdraidh, cultar, ceòl agus dannsa. Tha mi air pàirt a ghabhail ann an cladhach arc-eòlais aig Dùn Deardail ann an Gleann Nibheis, cuairtean àrsaidh le Comann Eachdraidh Sgìre a’ Bhac agus bha mi ag obair air Hiort. Bha mi fortanach an deuchainn mu dheireadh agam a dhèanamh airson An Cùrsa Inntrigidh anns an t-seann seòmar-sgoile air Hiort, an
dòchas brosnachadh Gàidhlig. Dh'obraich e! ’S fìor thoil leam gun urrainn dhut fhathast a dhol gu àiteachan cho domhainn ann an
eachdraidh agus ’s gann gun do dh'atharraich iad. Tha an cànan Gàidhlig a’ leigeil leam na h-àiteachan sin fhaicinn bho shealladh eadar-dhealaichte. Tha mi fortanach gun urrainn dhomh Gàidhlig ionnsachadh fhad ‘s a tha mi a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.
Diane Bettess, Alba
Chuir mi seachad seachdain iongantach còmhla ri Ann agus dithis oileanach eile ann an Eilean Rònaigh as t-Samhradh seo gar bogadh fhìn ann an Gàidhlig. Lean mi sin le cùrsa air Loidhne – Leasachdainn Conaltradh Adhartach. ’S e tòrr obrach a bh’ ann, a’ cleachdadh agus a’ clàrachadh na còmhraidhean anns an leabhar agus a’ sgrìobhadh còmhradh ùr agamsa gach seachdain ach bha e glè glè fheumail. Tha mi cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig agam tòrr nas làidire às dèidh a’ chùrsa, ged a dh’ fheumas mi cumail ag obair air na droch chleachdaidhean agam agus tha mi a-nis a’ faireachdainn nas misneachaile a’ bruidhinn a’ chanain. Bha e spòrsail a bhith a’ bruidhinn le Ann (ged a bha i teann). Bha na stuthan a’ chùrsa fìor mhath agus bha na leasanan deagh-structaraichte. Bha e cho cuideachdail ais-mholadh fhaighinn mun obair sgrìobhte agam, taobh a-staigh fichead uair ‘s a sia deug mar as trice. Tha mi a’ dèanamh An Cùrsa Adhartas aig Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta (tha mi dìreach air a’ chiad bliadhna a chrìochnachadh mi) agus tha mi a’ smaoineachadh gur e co-làn gasta a th’ anns a’ chùrsa aig Ann ris a’ chùrsa aig SMO.
Tapadh leat Ann.