top of page

Testimonial

Hear It From the Source

AN CÙRSA BOGAIDH - UIBHIST / NA HEARADH
19 - 22 AN LÙNASDAL 2021

"A-rithist tha Ann air soirbheachadh le cùrsa ùr eile. An turas seo b' e Cùrsa Bogaidh a bh’ ann suidhichte sa mhòr-chuid air Uibhist a Tuath ach air Bearnaraigh agus Na Hearadh cuideachd. Thòisich sinn le seisean tòiseachaidh ceithir uairean a thìde ann an Circeabost, gu lèir sa Ghàidhlig. 

An ath-latha shiubhail sinn timcheall air iomadh àiteachan inntinneach, eachdraidheil agus cultarail a' gabhail a-steach bàrr-phuingean leithid a' bruidhinn ri Eòin agus Aonghas (dithis luchd-labhairt le Gàidhlig bho thùs) aig an t-seada bhàta traidiseanta aca agus a' còrdadh lòn maorach aig Caladh na Ceallan. Bha cothrom ann tadhal air ’The Woolshed' cuideachd, far an robh Gàidhlig air a bhruidhinn a-rithist agus a cheannach cuid rudan brèagha. Am feasgar sin bha dìnnear againn air croit Anne còmhla ri a màthair-chèile aig a bheil Gàidhlig.

Disathairne ghabh sinn an t-aiseag gu Na Hearadh còmhla ri Seumas MacGilleEidich, dealbhadair agus eòlaiche-nàdair a tha dìoghras aige air a' Ghàidhlig agus a cleachdadh airson cunntas a thoirt air an t-sealladh-tìre, an fhiadh-bheatha agus an cultar. Bhruidhinn e rinn anns a' Ghàidhlig fad an latha agus abair iongnadh mìorbhailleach nuair a stad e aig croit ri taobh Tràigh Luskentyre gus Dòmhnall John fhaicinn, breabadair gu math aithnichte a dh’innis dhuinn ann an Gàidhlig na Hearadh mun obair aige le Nike agus an tadhal aige o chionn ghoirid bho Joanna Lumley airson am film aithriseach aice.

Didòmhnaich bha a' ghrian ris airson an coiseachd againn air an Tràigh Bhearnaraigh agus an turas againn dhan àite-sheallaidh Hiort far am b' urrainn dhuinn a faicinn gu soilleir dìreach 30 mìle air falbh!

Agus seo uile fhad 's a bha sinn, an triùir againn air a’ chùrsa, a’ feuchainn ri bruidhinn sa Ghàidhlig cho tric ’s a ghabhas le cuideachadh agus misneachadh bho Ann.

Mholainn e gu mòr ma tha thu airson na Ghàidhlig agad a dheuchainneachadh san t-saoghal fìor."

Dùghlas Moireasdan, Alba

Uibhist a Tuath Gaelic Courses
Uibhist a Tuath Gaelic Courses
Uibhist a Tuath Gaelic Courses
Uibhist a Tuath Gaelic Courses
Uibhist a Tuath Gaelic Courses

"I have been learning Gaelic with Ann for a year now. I could tell you that she is a wonderful teacher, that she takes time to explain what is the right pronunciation or how to apply some grammar rules, but I think that the best thing to do is to book a lesson with her, and you will be convinced. 

I was student during the immersion week in April 2023 with Ann and it was a fantastic fun. Ann was an attentive tutor to improve your Gaelic. Every day, students had new supports for the lesson. She is also a wonderful guide to visit the Islands and to give you opportunities to meet local native Gaelic speakers.

Beginners or most-advanced learners, book your place, take a deep breath and immerge yourself in a wonderful experience!!"

Arnaud Bourdon, An Fhraing
An Giblean 2023

bottom of page